Ailein Duinn
Capo 1
Gura mise tha fo éislean,
Moch s a mhadainn is mi g éirigh,
Ò hì shiùbhlainn leat,
Hì ri bhò hò ru bhì,
Hì ri bhò hò rionn o ho,
Ailein duinn, ò hì shiùbhlainn leat.
Ma s e cluasag dhut a ghainneamh,
Ma s e leabaidh dhut an fheamainn,
Ò ì shiùbhlainn leat,
Hì ri bhò hò ru bhì,
Hì ri bhò hò rionn o ho,
Ailein duinn, ò hì shiùbhlainn leat.
Ma s e n t-iasg do choinnlean geala,
Ma s e na ròin do luchd-faire,
Ò hì shiùbhlainn leat,
Hì ri bhò hò ru bhì,
Hì ri bhò hò rionn o ho,
Ailein duinn, ò hì shiùbhlainn leat.
Dh òlainn deoch ge boil le càch e,
De dh fhuil do choim `s tu `n déidh do bhathadh,
Ò hì shiùbhlainn leat,
Hì ri bhò hò ru bhì,
Hì ri bhò hò rionn o ho,
Ailein duinn, ò hì shiùbhlainn leat.